english | gàidhlig  
Com-pàirtichean is luchd-taic

Prìomh chom-pàirtichean

‘S e Bunait Croitearachd na h-Alba an t-aon bhuidheann le ballrachd a tha ag obrachadh gus croitearachd adhartachadh agus ’s e an comann as motha de luchd-cinneachaidh bidhe aig sgèile bheag a tha anns an RA.

Tha Comann Ùir na h-Alba ag adhartachadh obair tuathanais a tha math dhan phlanaid agus biadh fallain tro fhoghlam, iomairtean agus prògraman coimhearsnachd.

Am buidheann stiùiridh

Tha buidheann stiùiridh a’ cumail taic ris a’ phròiseact le riochdairean bho phrìomh bhuidhnean agus chomainn sna seachd ùghdarrasan ionadail a tha anns na Siorrachdan Croitearachd – Earra-Ghàidheal agus na h-Eileanan, a’ Ghàidhealtachd, Na h-Eileanan an Iar, Moireibh, Ceann a Tuath Siorrachd Àir (Arainn), Arcaibh agus Sealtainn.  Is iad na prìomh bhuidhnean eile a tha air an riochdachadh Foghlam Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Tha iad a’ toirt beairteas de dh’eòlas agus dealas chun phròiseict ann an raointean leithid poileasaidh, croitearachd, foghlam, Gàidhlig agus blasan-cainnt a’ Chinn a Tuath, dualchas chultarail agus àrainneachdail agus leasachadh seasmhach.  Bidh am buidheann-stiùiridh a’ coinneachadh trì tursan gach bliadhna.

Com-pàirtichean eile sa phròiseact
’S iad ar luchd com-pàirtichidh sa phròiseact Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Mhoireibh, Ceann a Tuath Siorrachd Àir (Arainn), Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn.

Shawbost pupils learn about pig keeping

Ag obrachadh còmhla ri buidhnean eile
Tha Ceanglaichean Croitearachd ag obair ann an sgoiltean ann an co-theacsa a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais ùir.  An lùib seo, tha a’ phròiseact a’ conaltradh ri Foghlam Alba gus dèanamh cinnteach gum bi am pròiseact a’ cuideachadh ann a bhith a’ libhrigeadh thoraidhean agus builean ionnsachaidh a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais.

A’ ceangal a’ churaicealaim
Feumaidh an curraicealam cothrom a thoirt a bhith a’ toirt an ionnsachaidh thar chrìochan nan cuspairean, gus am bi an luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh cheanglaichean eadar raointean eadar-dhealaichte den ionnsachadh.  Tro thachartasan eadar-chuspaireil den t-seòrsa seo, ionnsaichidh daoine òga mar a leasaicheas iad an sgilean eagrachaidh, an cruthachalas, an obair-sgioba agus an comas a bhith a’ cur an ionnsachaidh ri co-theacsan ùra agus dùbhlanach.

An Curaicealam airson Sàr-mhathais: Adhartas agus Molaidhean

Tha croitearan ionadail agus Caidreachas Croitearachd na h-Alba deatamach ann a bhith a’ suidheachadh co-theacsa a’ phròiseict anns gach sgìre chroitearachd.

Tha Ceanglaichean Croitearachd ag obrachadh le buidhnean ionadail leithid taighean-tasgaidh agus ionadan dualchais, buidhnean àrainneachd agus buidhnean gàrradaireachd. Tha seo a’ cuideachadh ann a bhith a’ cruthachadh taic ionadail dhan phròiseact agus ann a bhith a’ fàgail dìleab às a dhèidh anns gach coimhearsnachd croitearachd.
 lionacleit school dry stone walling class

Naidheachdan as ùire
to follow
Ceann-là: 04/05/2017

to follow

Leugh an t-artaigil air fad.: to follow

to follow
Ceann-là: 31/03/2017

to follow

Leugh an t-artaigil air fad.: to follow

'S e pròiseact trì-bliadhna a tha ann an Ceanglaichean Croitearachd a chuireadh air bhog anns an Lùnastal 2009 le Bunait Croitearachd na h-Alba agus Comann Ùir na h-Alba.