‘S e pròiseact foghlam a th’ ann an Ceanglaichean Croitearachd, a leigeas le 1,200 neach òg eadar 5 agus 16 a dh’ aois, a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, ionnsachadh mar a bha, mar a tha is mar a bhitheas croitearachd.
Leis na dùbhlain mòra àrainneachail is sòisealta anns a bheil e stèidhichte, tha pàirt sònraichte aig croitearachd ri chluiche ann a bhith a’ brosnachadh òigridh gu bhith smaoineachadh mu t-saoghal mhòr air fad, agus a bhith a’ cur gnìomhan air dòigh gu h-ionadail.

Bho na 1950an, tha crìonadh air a thighinn air croitearanchd mar thoradh air cùisean eaconamach, sòisealta agus àrainneachd, còmhla ri atharrachaidhean ann an dòighean tuathanais agus iasgach.
An-diugh, tha nas lugha na 18,000 dachaigh a’ gabhail pàirt ann an croitearachd, agus tha aois chuibheasach chroitear nas àirde na 55.
Tha Ceanglaichean Croitearachd a’ tighinn aig an aon àm ri atharrachaidhean mòra san lagh gus dèanamh cinnteach gu bheil croitearachd seasmhach agus prothaideach san 21mh linn.
Brosnachaidh am pròiseact againne òigridh gus pàirt a ghabhail ann a bhith a’ dìon chroitearachd san àm ri teachd.
Tha an Curaicealam airson Sàr Mhathais a’ brosnachadh sgoiltean gu bhith ag obair thar chrìochan chuspairean is a bhith a’ coimhead a-mach nas fharsainge nan t-seòmar teagaisg airson cothroman ionnsachaidh.
Tha Ceanglaichean Croitearachd a’ tabhann freàm-obrach fìor mhath do sgoilearan de bhuannachdan ionnsachaidh eadar-chuspaireach agus do sgoiltean a bhith a’ co-roinn deagh dhòighean obrach.
‘S e an dìleab a dh’fhàgas Ceanglaichean Croitearachd, ginealach òg a bhios nas fiosraichte, a chuidicheas ann a bhith a’ dealbh coimhearsnachdan beothail is làidir a fhreagras feumalachdan is dùbhlain an 21mh linn.
Tha mòran dhathan eadar-dhealaichte air clòimh – moorit, dubh, geal, katmoget is gulmoget. Tha clòimh Shealtainn uabhasach mìn agus mar sin gheibh thu geansaidhean mìn ach ’s ann à Astràilia a tha a’ mhòr chuid de chlòimh Shealtainn a’ tighinn agus tha e nas dlùithe. ’S urrainn dhut tòrr rudan eadar-dhealaichte a dhèanamh leis an t-snàth, fhighe na gheansaidh no stocaichean, rugaichean a dhèanamh no plaidichean agus adan no felt a dhèanamh.
Leugh an t-artaigil air fad.: Clòimh ShealtainnChuir clann-sgoile Bun-sgoil Dhail Chuinnidh eòlas air rud gu math sònraichte sa Chèitean nuair a chaidh iad gu Pàirc Dualchas na Gàidhealtachd ann am Bail’ Ùr an t-Slèibh gus cuideachadh buntàta a chuir. Bha a’ chlann air 5 seòrsa buntàta a chuir san sgoil ron seo, mar phàirt de phròiseact Ceanglaichean Croitearachd. Chaidh an cur ann am pocannan ri taobh feadhainn a fhuair iad mar phàirt de phròiseact RHET Fàs is Cunnt.
Leugh an t-artaigil air fad.: Bun-sgoil Dhail Chuinnidh, An Cèitean 2010